Runrig

Runrig - Màiri lyrics

Your rating:
Dorch a-nochd tha 'n t-Eilean
Dathan air am fuadach far nam beann
Tha faileas a' tuiteam bhon an Stor
Mar t-fhalt dorch a' sguabadh do cheann

Horo Mhàiri ò
Horo Mhàiri ò
Horo Mhàiri ò
'S mi 'gad ionndrainn ho ro

Dè math an tobar gun an t-uisge
Dè math an corp gun cridh'
Nam biodh neart an Stoir 'nam làmhan
Bhiodh sinn le'r cheile's an t-Eilean a rithis

Horo Mhàiri ò
Horo Mhàiri ò
Horo Mhàiri ò
'S mi 'gad ionndrainn ho ro

'S doch nach fhaigh sinn nèamh no beatha eile
Nuair a dhùineas sùilean aig deireadh là
Ach fhuair mi mo nèamh an seo's an àite
Far an d'thug thu dhomh do làmh's do cridhe slàn

Horo Mhàiri ò
Horo Mhàiri ò
Horo Mhàiri ò
'S mi 'gad ionndrainn ho ro
Get this song at:
bol.com
amazon.com

Copyrights:

Author: ?

Composer: ?

Publisher: ?

Details:

Language: Gaelic

Share your thoughts

This form is protected by reCAPTCHA and the Google Privacy Policy and Terms of Service apply.

0 Comments found